Joy Dunlop

Fàilte dhan làrach-lìn ùr agam!

17/04/14

Halò agus fàilt' oirbh dhan làrach-lìn ùr agam! Tapadh leibh airson tadhail orm an seo, tha mi an dòchas gun còrd dreach ùr na làraich ribh. Tha tòrr goireasan ùra ri lorg - ceòl, bhideòan, bathar agus cuideachd, bùth ùr, snasail - nach toir sibh sùil orra? Ma tha ùidh agaibh anns na h-òrain agam, coimheadaibh fon tiotal "Ceòl" airson faclan 's eadar-theangachaidhean nan òran a lùghdachadh a-nuas an asgaidh. 

Tha mi cuideachd ag iarraidh ceud mìle taing a thoirt dha Comunn na Gàidhlig airson an taic airgid mu choinneimh làrach-lìn gu tur dà-chànanach a chruthachadh, rud a bha mi airson dealbhadh o chionn fhada. Thug e toileachas mòr dhomh a dhèanamh 's tha mi an dòchas gum faighear gach rud a dh'iarradh tu an seo ach, ma tha beachd agaibh air dad a tha a dhìth, nach innis sibh dhuinn

Le gaol,

Joy x

air ais gu naidheachdan

Tweets as ùire