Joy Dunlop
Sub Navigation

Foghlam

Bhon a cheumaich Joy le Ceum le Urram ann an Cànan agus Cultar na Gàidhlig bho Shabhal Mòr Ostaig, tha i cànan 's cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh tro bhùithean-obrach agus clasaichean aig gach ìre. Air a h-aithneachadh airson a dealasachd 's an tlachd a gheibh oileanaich bhon teagaisg aice, tha Joy cuideachd na oide Ulpan ‘s neach-teagaisg prìobhaideach a tha i air clasaichean Gàidhlig, seinn ‘s dannsa ceum a chumail dha na buidhnean a leanas:  

  • An Comunn Gàidhealach
  • Celtic Connections
  • Clì
  • Comann nan Sgoiltean Àraich
  • Comhairle Dhùn Phrìs ‘s Ghall-Ghaidhealaibh
  • Comhairle Earraghàidheal ‘s Bhòid
  • Comhairle na h-Eaglaise Brice
  • Comhairle Baile Ghlaschu
  • Comhairle Siorrachd Adhair a Tuath
  • Co-roinn Ghàidhlig Latharna
  • Fèisean nan Gàidheal
  • Fèis Mhàbu (Ceap Breatainn, AN)
  • Glasgow Life
  • Oilthigh Ghlaschu
  • Oilthigh St. FX (Alba Nuadh)
  • Royal Conservatoire of Scotland (RSAMD)
  • Sabhal Mòr Ostaig
  • Urras Dhualchais an Eilein Mhanainn

Tha eòlas farsaing aig Joy air còisirean Gàidhlig agus o choinn ghoirid, dh'obraich i còmhla ri NYCoS air pròiseact ùr gus còisir nàiseanta Gàidhlig, Còisir nam Balach, a chur air dòigh do ghillean òga. Bidh i cuideachd a' stiùireadh còisir fhear à Earraghàidheal, Còisir Ceann an Tuirc, agus a bharrachd air na dleasdanasan oifigeil aice, tha ùidh mhòr aice ann an seinn choimhearsnachd san fharsaingeachd.  

Bidh Joy tric na britheamh Gàidhlig ‘s ciùil aig Mòdan ionadail ‘s nàiseanta ann an Alba agus Canada agus bha i cuideachd na britheamh sònraichte aig Fèis Chiùil Inbhir Nis 's Inbhir Chluaidh am bliadhna. 

Tweets as ùire