Joy Dunlop
Sub Navigation

Eachdraigh beatha

‘S e seinneadair ‘s dannsair a th’ ann an Joy Dunlop, a thogadh ann an Earraghàidheal ach a tha a-nis stèidhichte ann an Glaschu. Bha daonnan ùidh aice ann an dualchas traidiseanta na h-Alba agus tha I air nochdadh thar nam bliadhnaichean aig iomadh tachartas eadar-nàiseanta; bho chèilidhean ionadail gu fèisean mòra cliùteach. Tha I air pàirt a ghabhail sna fèisean ainmeil Celtic Connections agus Celtic Colours, a thuilleadh air a bhith air chuairt ann am Breatain, Canada agus Sealan Nuadh. Tron t-seinn aice, bidh I a’ taisbeanadh òrain ‘s ceòl na Gàidhlig ann an nòs ùr, a bhios fhathast a’ cumail dlùth ri a chuid freumhan.

Chaidh iomadh urram a bhuileachadh air Joy, bhuannaich a’ chiad chlàr aice “Dùsgadh” ‘Roots Recording of the Year’ aig na 2011 Scottish Music Awards agus an Duais ‘Tradition’ Fatea. Chaidh a cur air adhart mar Sheinneadair Gàidhlig na Bliadhna ann an 2010 & 2011 agus ghlèidh I Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2010. A bharrachd air a bhith a’ seinn leatha fhèin, bidh I cuideachd ag obrachadh le luchd-ciùil eadar-nàiseanta air pròiseactan clàraidh ‘s cuirmean-ciùil. Am bliadhna, dh’ obraich I leis a’ chòmhlan Twelfth Day air clàr air a bheil “Fiere” agus tha I an-dràsta ag obair air Faileasan, pròiseact ciùil ùr air òrain Ghàidhlig à sgìre Earraghàidheal.

Fileanta ann an Gàidhlig, le ceum (le urram) bho Shabhal Mòr Ostaig, tha Joy mìon-eòlach air cùisean Gàidhealach. Nochdaidh i gu tric air BBC Alba ‘s Rèidio nan Gàidheal, agus bidh I a’ sgrìobhadh airson iomadh iris Gàidhlig, An t-Albannach nam measg. Tha an ùidh fhoilliseach aice ann an cànan ‘s cultar na Gàidhlig air a tarraing gu iomadh buidheann ‘s pròiseact, nam measg Roinn nan Inbheach aig Oilthigh Ghlaschu, Fèis Mhàbu (Alba Nuadh) agus NYCoS. ‘S e oide Ulpan a th’ innte cuideachd, ‘s tha I sàr eòlach air a bhith a’ teagaisg cànan ‘s òrain Gàidhlig, agus dannsa ceum dha Fèisean nan Gàidheal. Mar thoradh air a sin, bidh daonan 

Airson liosta slàn de dhuaisean ‘s pròiseactan Joy, faicibh gu h-ìseal:

Duaisean ‘s Molaidhean

  • Roots Recording na Bliadhna - Scots New Music Awards 2011 (Neach-glèidhidh)
  • Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna– MG ALBA Scots Trad Music Awards 2011 & 2010 (Air ainmeachadh)
  • The Tradition Award – Fatea Awards 2010 (Neach-glèidhidh)
  • Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich 2010
  • Best Achievement for Argyll – For Argyll Awards 2009 (Darna Àite)
  • Scottish Press Awards – Sgrìobhadair Gàidhlig na Bliadhna 2008 (Air àrd-mholadh)
  • Highlands and Islands Media Awards – Sgrìobhadair Gàidhlig na Bliadhna 2007 (Air àrd-mholadh)
  • Bonn Òr Tìm an Òbain - 2006
  • Neach glèidhidh ‘Traditional Inter-Celtic Dance’ – Fèis Phan Cheilteach 2006
  • Seinneadair Traidiseanta na Bliadhna – Fèis Phan Cheilteach 2005 (Darna Àite)
  • Buidheann chiùil traidiseanta– Fèis Phan Cheilteach 2006, 2005, 2004 (Neach-glèidhidh)

Tweets as ùire