‘S e seinneadair Gàidhlig a th’ ann an Joy Dunlop, a thogadh ann an Earraghàidheal. Bha daonnan ùidh aice ann an dualchas traidiseanta na h-Alba agus tha I air nochdadh thar nam bliadhnaichean aig iomadh tachartas eadar-nàiseanta; bho fhèisean ainmeil gu cuairtean ann anns an Roinn Eòrpa 's ann an Canada agus Sealan Nuadh.
Tron t-seinn aice, bidh I a’ taisbeanadh òrain ‘s ceòl na Gàidhlig ann an nòs ùr, a bhios fhathast a’ cumail dlùth ri a chuid freumhan.
Chaidh iomadh urram a bhuileachadh air Joy, 's i Seinneadair Gàidhlig a' Phàn Cheiltich 2015 agus chaidh a cur air adhart mar Sheinneadair Gàidhlig na Bliadhna ann an 2010 & 2011. Ghlèidh I Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Bonn Òr Tìm an Òbain aig a' Mhòd Nàiseanta agus chaidh a h-ainmeachadh mar Dhannsair Traidiseanta na Bliadhna ann an 2015 aig an Fhèis Phan Cheilteach.
Barrachd mu dheidhinn Joy06
Jul
30
Jul
Cùrsa Còmhraidh / Gaelic Conversation Course
Sabhal Mòr Ostaig
06
Aug
Cùrsa Còmhraidh / Gaelic Conversation Course
Sabhal Mòr Ostaig
14
Aug
Private Showcase